Teagamh mu phoileasaidh HIE

Uidheam cinn Image copyright TVC News Graphics Collection
Image caption Chailleadh mu 250 cosnadh ionad-fòn air Ghàidhealtachd thar nan 18 mìosan mu dheireadh.

Tha eòlaiche eaconamach air Ghàidhealtachd air bruidhinn an aghaidh mar a tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' toirt seachad airgid gus ionadan-fòn a thàladh chun na sgìre.

Tha Tony MacAoidh, bho MacKay Consultants ann an Inbhir Nis, ag ràdh gum bu chòir do HIE a bhith ag amas air cosnaidhean nas luachmhoire, le tuarastail nas motha, a thàladh nan àite.

Chaidh mu 250 cosnadh ann an ionadan-fòn a chall air Ghàidhealtachd anns an 18 mìosan mu dheireadh.

Thug call 85 cosnadh aig ionad-fòn anns an Aghaidh Mhòir deireadh an t-Sultain, buille mòr air eaconamaidh Shrath Spè.

Tha Tony MacAoidh ag ràdh nach do chruthaicheadh ach cosnaidhean beag-thuarastail, neo-sgileil as motha, leis a' phoileasaidh a th' aig HIE airgead a thabhainn do chompanaidhean gus am brosnachadh ionadan-fòn fhosgladh san sgìre.

Ged a tha e ag aideachadh gur dòcha gu bheil an fheadhainn a tha ag obair ann an ionadan-fòn anns an Aghaidh Mhòir, Steòrnabhagh agus Farrais a' toirt seachad seirbheis tòrr nas fheàrr na feadhainn thall-thairis ann an dùthchannan leithid nan Innseachan, tha e ag ràdh nach eil coltas ann gur e sin as cudromaiche do na companaidhean a tha gam fastadh.

Tha e ag ràdh gum bu mhiann leis HIE fhaicinn a' coimhead fad a bharrachd ri cuideachadh ann a bhith a' cruthachadh chosnaidhean anns a bheil luach nas motha, agus a bheir tuarastail nas motha chun na sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile