Ìomhaigh Ghàidhlig na h-Alba
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann nàiseanta na turasachd, VisitScotland, air plana cànain Gàidhlig fhoillseachadh.
Bheir am plana buaidh air obair na buidhne a thaobh mar a bhios iad a' bruidhinn ris a' phoball, mar a bhios iad a' cleachdadh ìomhaigh na Gàidhlig gus an dùthaich a shanasachd thall-thairis, cleachdadh a' chànain air a làraich-lìn aca, agus ìomhaigh chorporra na buidhne.
Tràth ann am beatha a' phlana, a mhaireas trì bliadhna, tha a' bhuidheann ag amas air rannsachadh a dhèanamh feuch co mheud duine den luchd-obrach aca a tha fileanta sa Ghàidhlig; co mheud dhiubh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig; co mheud aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus comasan leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig am measg luchd-obrach.
An ath-thuras a bhios a' bhuidheann ag ùrachadh a dearbh-aithne chorporra, cruthaichear suaicheantas oifigeil a bhios ann an cruth dà-chànanach, gus "co-ionnanachd eadar Gàidhlig agus Beurla a shealltainn."
Trèanadh Luchd-obrach
Bidh cuideachd tionndaidhean Gàidhlig de shluagh-ghairmean na buidhne gan cleachdadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus thall-thairis, leithid "Cuir iongnadh ort fhèin" agus "Alba. Fàilte gu ar beatha."
Gheibh a h-uile duine den luchd-obrach trèanadh ann an aithne na Gàidhlig, agus bidh gu bheil a' Ghàidhlig aig duine den luchd-obrach air a dhèanamh soilleir don phoball.
Aig an ìre seo, tha am plana ag ràdh, chan eil poileasaidh aontaichte aig a' bhuidhinn a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an soidhnichean, ged a tha soidhnichean dà-chànanach rim faicinn ann na oifisean na buidhne ann an Inbhir Nis agus anns a' Ghearasdan mar thà.
Tha am plana a' cur ron bhuidhinn gun cuir iad soidhnichean dà-chànanach an sàs bho seo a-mach ge-tà, nuair a dh'fheumas soidhnichean a bhith air an ùrachadh.
A' tòiseachadh sa Mhàirt am bliadhna, a rèir a' phlana, tha poileasaidh aig a' bhuidhinn airson bratan-ùrlair le "Fàilte" agus "Welcome" sgrìobhte orra, agus soidhnichean taobh a-staigh a chur an sàs ann an cuid de na h-ionadan aca air feadh na dùthcha. Tha am poileasaidh sin gu h-àraid ga chur an sàs anns na h-Eileanan Siar, air Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Chaidh am plana ullachadh le riochdairean bho air feadh na buidhne, an dà chuid le agus gun Ghàidhlig, agus chaidh a chur a-mach airson co-chomhairleachaidh phoblaich mus deach fhoillseachadh.