Plana airson tuiltean Chùil Lodair ga thaisbeanadh

Mìnichidh Comhairle na Gàidhealtachd nas fhaide den mhìos na tha iad a' cur romhpa airson dèiligeadh ri tuiltean ann an Cùil Lodair, Baile an Loch agus Baile a' Ghobhainn air iomall an ear Inbhir Nis.

Chaidh fireannach a bhàthadh ann an tuil san sgìre sin an-uiridh.

Bha Bill Hamilton, a bha 68, a' feuchainn ri drèana a bh' air a bhacadh fhosgladh, ach thuit e, a' bualadh a chinn air cloich, mus deach a sguabadh leis an t-sruth 's a bhàthadh.

Chaidh £1m a chur mu seach airson dèiligeadh ri trioblaid nan tuiltean san sgìre, agus taisbeanaidh a' Chomhairle agus an luchd-comhairlichidh einnsinìreachd aca planaichean a tha ag amas air daoine a dhìon bho thuiltean aig coinneimh phoblaich aic Acadamaidh Chùil Lodair.

'S ann Diardaoin, 25mh an Damhair a bhios a' choinneamh sin, 's i a' tòiseachadh aig 6:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile