Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aonta mun Referendum

16 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e dearbhte a-nis gum bi referendum ann air neo-eisimeileachd do dh'Alba ro dheireadh 2014.

Cha bhi ann ach an aon cheist, 's tha coltas gum faigh daoine bhòt ann ma tha iad nas sine na 16.

Bha seo uile ann an aonta ris an do chuir am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond agus am Prìomhaire Dàibhidh Camshron an ainmean an Dùn Èideann Diluain.

Tha an t-òrdugh a' toirt cead do Phàrlamaid na h-Alba cumhaidhean an referendum a chur an cèill agus am bhòt a ghairm.

Tha tuilleadh fiosrachaidh aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.