Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

16 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd 0.3% air a' mhìos a chaidh. Bha ìre an CPI airson an t-Sultain a' seasamh aig 2.2%, an ìre as ìsle airson trì bliadhna. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun robh ìre bhunaideach na h-atmhorachd, an RPI, cuideachd air tuiteam bho 2.9% gu 2.6%.

Gary MacFhionnghain

Innsidh Rùnaire Oifis Roinn na Dùthcha, Theresa May, feasgar an tèid no nach tèid Gary MacFhionnghain a chur dha na Stàitean Aonaichte. Chaidh Mgr MacFhionnghain, a tha 46, agus a tha a' fulang le Aspergers Syndrome, a chur an grèim ann an 2002, fo amharas gun do bhrist e a-steach gu na siostaman coimpiutair aig feachdan armaichte nan Stàitean Aonaichte. Tha eagal air saiceòlaichean gum feuch Mgr MacFhionnghain, a rugadh ann an Glaschu, ri làmh a chur na bheatha fhèin ma 's e 's gun tèid a chur gu cùirt Aimeireaganaich.

Halls of Broxburn

Tha tè de na companaidhean a rinn tairgse airson Halls of Broxburn a ghabhail thairis air càineadh làidir a dhèanamh air na sealbhadairean Dùidseach, Vion, agus iad ag ràdh nach leigeadh iad a leas a bhith air an fhactaraidh a dhùnadh. Thuirt an àrd-stiùiriche aig companaidh mhorgaidsean Graf, gun robh iad air suim anns an robh seachd figearan a thabhainn airson an ionad a cheannach, agus 1,200 obraichean a shàbhaladh. Thuirt Steve Green gu bheil e feargach nach deach cothrom ceart a thoirt dhaibh an fhactaraidh a ghabhail os làimh.

Teine Harlow

Cho-dhùin poilis ann an Essex nach robh ceangal aig gràin-creidimh ri teine anns an do bhàsaich boireannach agus ceathrar chloinne. Chaochaill Sabah Usami, a triùir mhac Sohaib, Muneeb agus Rayan agus a nighean, Hira, anns an teine anns an taigh aca ann an Harlow a' bhòn-raoir. Tha cobhair ga dhèanamh air nighean eile, Maheen, a tha trì bliadhna de dh'aois, agus an duine aice, an Dr. Abdul Shakoor, san ospadal ann an Chelmsford.

Jimmy Savile

Dh'iarr am Pàrtaidh Làbarach gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air casaidean gun tug Jimmy Savile ionnsaighean drabasta air nigheanan òga. Tha na Poilis den bheachd gun tug Savile ionnsaigh air suas ri 60 òganach, cuid dhiubh ann an togalaichean a' BhBC agus ann an ospadalan far an robh e a' tionail airgid airson charthannais, no ag obair gu saor-thoileach.

Am Mòd

Dh'fhaodadh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an àiteachan ùra air a' Ghàidhealtachd, a rèir a' Chomuinn Ghàidhealaich. Thuirt an Comunn gu bheil seo air sàilleabh cho soirbheachail 's a bha an fhèis ann an Gallaibh ann an 2010.