Ro-innleachd ùr do na h-Eileanan?

Barraigh
Image caption Bheireadh am plana barrachd chumhachd do sgìrean eileanach.

Beachdaichidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air am bu chòir ro-innleachd shònraichte a bhith air a cur air dòigh airson sgìrean eileanach.

'S i am BPA Gàidhealach, Sìne Urchadain, a chuir an gluasad air adhart, agus thèid a dheasbad aig co-labhairt a' phàrtaidh ann am Peairt air an deireadh-sheachdain.

Fo na planaichean bhiodh barrachd chumhachd aig coimhearsnachdan eileanach.

Am measg rudan eile, dh'fhaodadh gum biodh guth nas treasa aca air cùisean còmhdhail, gnìomahachais an iasgaich agus cìsean nas lugha air connadh.

Thuirt i gu bheil i airson 's gun cuir daoine a tha a' fuireach anns na sgìrean sin am beachdan air adhart, agus gur iad an fheadhainn aig a bheil fios air mar as fheàrr na sgirean aca a thoirt air adhart.

Chuir i ri sin, agus i ag ràdh gum faodadh gum biodh buannachdan mòra an cois leithid de ghluasad.