Taic do sgrìobhadairean Gàidhlig

Peann
Image caption Chan eil ach peann, pàipear, mac-meanmna agus ùine a bhith aig sgrìobhadair.

'S e Diciadain Là an Litreachais air iomall a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Am measg rudan eile, bha Comhairle nan Leabhraichean a' toirt cuireadh do sgrìobhadairean ùra taic-airgid agus stiùireadh proifeasanta iarraidh gus am faigh iad air an cuid obrach a chur an clò.

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a' toirt taic do dh'ùghdarran Gàidhlig, agus tha an ceannard aca, Rosemary Ward, ag ràdh nach fheum iad ach mac-meanma, peann is pàipear, agus ùine gu leòr suidhe sìos agus sgeulachd a sgrìobhadh.

"Mholainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh, aig a bheil deagh sgeulachd ri innse, dìreach a dhol air adhart, agus na beachan aca fhaighinn sìos air pàipear," thuirt i.

"Gun cus dragh a bhith aca mu dheidhinn gràmair cheart, agus mu dheidhinn litreachaidh na Gàidhlig.

"Tha luchd-deasachaidh againne air fhastadh aig Comhairle nan Leabhraichean a nì an obair-deasachaidh a tha sin, 's a nì cinnteach gu bheil an sgrìobhadh aca cho math 's a ghabhas.

"Dalladh iad orra," thuirt i.

Chuir Comhairle nan Leabhraichean sgeama air chois aig a' Mhòd, fo am faigh dithis sgrìobhadairean duais luach £2,000, agus stiùireadh an cuid sgrìobhaidh a chur ann an clò airson a' chiad turais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile