Tòiseach-tòiseachaidh do thuath-ghaoithe
- Published
Chaidh a' chiad cheap a thionndadh air làraich Thuath-ghaoithe Mhuaitheabhail ann an Leòdhas Dimàirt.
Bidh 39 crann sa phròiseict, agus tòisichidh obair ro dheireadh na bliadhna.
Chaidh a ràdh gum faodadh an t-airgead a thig bhon tuath-ghaoithe a bhith air a chosg air a bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean a th' aig an sgìre.
Chaidh cion-chothroman, dìth obraichean agus gainnead taigheadais ainmeachadh mar rudan a gheibheadh prìomhachas.
A' bruidhinn mu cheangal ri Tìr Mòr ge-tà, thuirt Iain MacÌomhair bho Urras Coimhearsnachd Tuath-ghaoithe Mhuaitheabhail, gum bi e nas duilghe dhan phròiseict mur a tig "soilleireachadh" is "freagairt cheart air suidheachadh nan cosgaisean."