Co-dhùnadh cùis fhearainn an Uibhist

Òrd-cùirteach Image copyright EyeWire Inc
Image caption Bha Stòras Uibhist a' cumail a-mach gur ann leothasan a bha am pìos fearainn.

Shoirbhich le fear à Uibhist a Deas, a bh' ann an cunnart pìos talmhainn a chall ri Stòras Uibhist, aig Cùirt an Fhearainn.

Bha Stòras Uibhist ag argamaid nach buineadh am fearann, a chaidh a-mach à talamh ionaltraidh, do Mhurchadh MacCoinnich, is gun robh e mar phàirt den oighreachd choimhearsnachd.

Anns an Iuchar 2008, thug Coimisean na Croitearachd, le cead bho Oighreachd Uibhist a Deas, pìos fearainn a bh' air talamh ionaltraidh an Snìosabhail do Mhurchadh MacCoinnich.

Ghabh Stòras Uibhist an oighreachd thairis an uair sin agus bha an t-uachdaran coimhearsnachd ag ràdh gur ann leothasan a bha an talamh a fhuair Mgr MacCoinnich.

Thug an t-uachdaran coimhearsnachd a' chùis gu Cùirt an Fhearainn.

Bha Stòras Uibhist agus cathraiche na buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil ag ràdh nach b' e talamh ionaltraidh a fhuair Murchadh MacCoinnich, agus leis an sin, nach biodh e a' tighinn fo lagh na croitearachd.

Às dèidh èisteachd aig Cùirt an Fhearainn na bu tràithe am bliadhna, tha a' Chùirt air co-dhùnadh gu bheil còir aig Mgr MacCoinnich, a bha na fhear-teagaisg, air an talamh a tha e a' cleachadh gus lusan agus measan fhàs.

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh mu chosgaisean aig àm eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile