Uard fhathast dùinte ri linn Noro-bhìoras
- Air fhoillseachadh

Tha uard ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis dùinte airson a' cheathramh là streath a chèile 's iad a' dèiligeadh ris a' ghalair Noro-bhìoras.
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil 15 euslainteach air a bhith a' fulaing leis, le dithis fhathast bochd.
Tha iad ag iarraidh air daoine nach eil air a bhith gu math iad fhèin bho chionn ghoirid gun a dhol faisg air an ospadal.
Thàinig air an ospadal Uard 2A a dhùnadh toiseach na seachdain, agus coltas ann gun robh galar air sgapadh am measg euslainteach ann.
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd Diciadain gur e Noro-bhìoras a bh' ann.
Bidh an galar sin a' sgapadh tron adhar, agus ag adhbharachadh gum bi euslaintich a' cur a-mach agus gum bi a' bhuinneach orra.
Mairidh an galar mar as trice co-dhiù dà là.
Tha an ospadal ag ràdh, an àite a bhith a' tighinn don ospadal, gum bu chòir do dhaoine a tha tinn, leis na comharran sin, fuireach a-staigh, gu leòr uisge agus paracetamol a ghabhail, agus a bhith cinnteach gun nìgh iad na làmhan aca.
Chan eil fhios aig an ìre seo cuin a dh'fhosglas an uard.