Buinn Òir air an toirt seachad aig a' Mhòd
- Published
Chaidh Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain.
'S i Eilidh Davies, às Inbhir Garadh, a fhuair Bonn Òir nam Ban, le Sandy NicDhòmhnaill Jones san dàrna àite, Raonaid Walker à Geàrr Lòchaidh san treas àite, agus Isabel NicLeòid à Leòdhas sa cheathramh àite.
'S e Calum MacLeòid, à Leòdhas, a fhuair Bonn Òir nam Fear, le Iain Howieson à Port Rìgh san dàrna àite, Ruairidh Mac an t-Saoir às Uibhist a Deas san treas àite, agus Iain Gòrdan às Inbhir Narrann sa cheathramh àite.
Seann Nòs
Chaidh farpais an t-Seann Nòis a chumail feasgar.
'S i Cairstìona Stone, a bhuinneas do Leòdhas agus a tha an-diugh a' fuireach ann an Gallaibh, a bhuannaich farpais nam ban, le Alison NicAnnain san dàrna àite, Ceitlin Nic a' Ghobhainn san treas àite, agus an ceathramh àite air a roinn eadar Clare Jordan agus Isabel NicLeòid.
'S e Ailig Dòmhnallach, à Leòdhas, a bhuannaich farpais nam fear, le Ruairidh MacCormaig san dàrna àite, Tormod MacLeòid anns an treas àite, agus Iain Murchadh Mac a' Mhaoilein sa cheathramh àite.