BBC Naidheachdan

Cathraiche a' Bhùird ga shireadh

Published
image copyrightBnG
image captionTha an dreuchd làn-ùine air a bhith bàn bho dh'fhàg Art MacCarmaig sa Mhàirt.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' sireadh thagraichean airson dreuchd Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Ealasaid Nic an t-Saoir air a bhith san obair gu h-eadar-amail bho dh'fhàg Art MacCarmaig sa Mhàirt.

Tha ise den bheachd gur e foghlam a bhios na phrìomhachas don Chathraiche ùr, agus a' bhith a' neartachadh na Gàidhlig ann an sgìrean taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

media captionCathraiche BhnaG ga shireadh

"Tha dùbhlain aig a' Ghàidhlig co-dhiù, ach tha mi a' smaointinn gu bheil an suidheachadh anns a bheil sinn an-dràsta cho math 's a tha e air a bhith o chionn iomadh bliadhna," thuirt i.

"Saoilidh mi gur e an dùbhlan as motha a bhios againn thar nam bliadhnaichean, a bhith ga toirt air feadh na dùthcha gu lèir.

"Tha a' Ghàidhlig làidir air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

"Tha e mar fhiachadh oirnn fàs agus feabhas a dhèanamh anns na h-àiteachan far a bheil i beò mar thà, agus barrachd fàis a dhèanamh anns na bailtean mòra far nach eilear cho eòlach air a' Ghàidhlig," thuirt i.

Tha dùil gum bi an Cathraiche ùr a' gabhail na dreuchd os làimh bho thoiseach a' Mhàirt an ath-bhliadhna.