Mòd a' tilleadh do na h-Eileanan Siar ann an 2016
- Air fhoillseachadh
Chaidh fhoillseachadh Diardaoin gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh do na h-Eileanan an Iar ann an 2016.
Bidh e stèidhichte ann am prìomh bhaile nan Eilean, Steòrnabhagh.
Ach thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, gun tèid oidhirp a dhèanamh am Mòd a sgaoileadh a-mach air feadh nan Eilean.
Le àrd-sgoiltean ùra air an Tairbeart agus ann an Steòrnabhagh, tha goireasan a' freagairt air iarrtasan a' Chomuinn son nam farpaisean aca.