A' seachnadh buairidh mu Dhrochaid Cheasaig

Drochaid Cheasaig
Image caption Bidh an obair a' dol eadar an Gearran 's an t-Ògmhios 2013, agus aig an aon àm ann an 2014.

Dh'fhoillsich Còmhdhail Alba planaichean a chosgas £1.8m, gus faochadh a thoirt do dhràibhearan air an A9 ri linn obair-càraidh air Drochaid Cheasaig tarsainn air Caolas Inbhir Nis.

Thèid uachdar ùr a chur air an drochaid eadar an Gearran agus an t-Ògmhios 2013. Tha dùil ri tuilleadh obrach thairis air an aon àm ann an 2014.

Gus faochadh a thoirt air an t-suidheachadh, tha planaichean ann gun toirear leasachadh air cinn-rathaid, agus cuirear tuilleadh chothroman còmhdhail phoblaich air dòigh, am measg rudan eile.

Thèid stèisean rèile Drochaid Sguideil, air taobh sear Rois, ath-fhosgladh cuideachd.

Lèanaichean Sònraichte

Thuirt Còmhdhail Alba gun robh iad "a' coimhead gu math geur" ri cho beag de bhuaireadh agus dàil adhbharachadh 's a ghabhas.

Bidh aon lèana den rathad air an drochaid dùinte aig an àm, ach cha bhi an drochaid air fad dùinte do thrafaig aig àm sam bith.

Bidh mu 30,000 carbad a' cleachdadh na drochaid gach là, le carbadan troma coimearsalta a' dèanamh suas 11% den trafaig sin.

Am measg nan rudan a thèid a dhèanamh airson buaireadh a lùghdachadh, bidh:

  • Solais-thrafaig ùra, agus lèana sònraichte ùr air cearcall-rathaid an Longman airson a bhith a' gabhail chun na làimhe clì 's tu a' tighinn far na drochaid. Tòisichidh obair Diluain air an làraich sin agus air leasachaidhean eile a thoirt air cinn-rathaid faisg oirre, agus aig cearcall-rathaid Sràid an Ròsaich.
  • Tòisichidh obair sa mhìos a tha romhainn air stèisean rèile Drochaid Sguideil ath-fhosgladh, 's e air a bhith dùinte bho 1960. Thuirt Còmhdhail Alba gum bi e fosgailte mus tòisich an obair air Drochaid Cheasaig sa Ghearran.
  • Thèid a dhà uidhir de charbadan a chur air trèanaichean bho agus gu ruige Inbhir Nis. Thèid cuideachd barrachd sheirbheisean bus a chur air dòigh eadar am baile agus an t-Eilean Dubh.
  • Bidh lèana sònraichte air a chomharrachadh air an A9 a' dol gu deas eadar cearcall-rathaid Todhair agus Drochaid Cheasaig airson charbadan troma coimearsalta.

Thuirt Còmhdhail Alba: "Nì na leasachaidhean air cinn-rathaid faisg air an drochaid diofar mòr, ach tha e cuideachd riatanach gum fàg cuid de dhràibhearan an càraichean aig an taigh, 's gun cleachd iad còmhdhail phoblach.

"Ceadaichidh na seirbheisean bus agus trèana seo.

"Cuirear àiteachan pàrcaidh a bharrachd air dòigh aig stèiseanan Inbhir Pheofharain agus na Manachainn, a bheir cothrom do dhaoine dràibheadh pàirt den t-slighe, ach gun dràibheadh tron phàirt as trainge dheth.

"Tha rudan as urrainn dhuinn uile a dhèanamh airson cuideachadh, agus mholainn do an dà chuid buill den phoball fhèin, agus luchd-fastaidh smaoineachadh air mar a dh'fhaodadh iadsan seachnadh a bhith a' dràibheadh a-steach a dh'Inbhir Nis tro na h-amannan as trainge."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile