Còisir Inbhir Pheofharain soirbheachail aig a' Mhòd

Còisir Ghàidhlig
Image caption Bha na còisirean dùthchail a' farpais Diardaoin, airson Sgiath Latharna.

'S e Còisir Inbhir Pheofharain a bhuannaich prìomh fhapais nan còisearan aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Ghlèidh an còisir às a' Ghàidhealtachd Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn le 374 puing.

'S e Coisir Ceòraidh Ghlaschu a bha anns an dàrna àite agus Coisir Inbhir Nis a bha san treas àite.

Agus bhuannaich Còisir Obar Pheallaidh Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Bha deich còisirean a' strì son Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn ann an Dùn Omhainn am bliadhna.

Diardaoin, 's iad Còisir Sgìre a' Bhac, à Leòdhas, a bhuannaich Sgiath Latharna a-rithist, agus na còisirean dùthchail a' farpais ri chèile.

'S ann ann am Pàislig a bhitheas am Mòd Nàiseanta an ath-bhliadhna.