A' coinneachadh na gCamán

Iomain 's Iomáiníocht Image copyright Neil G Paterson
Image caption Tha atharrachadh beag air na riaghailtean am bliadhna.

'S e an Damhair a th' ann agus air mìosachan na h-Iomain tha sin a' ciallachadh gheamanan dùbhlain eadar Alba agus Èirinn.

Thèid an dà sgioba an aghaidh a chèile Disathairne aig Pàirce a' Bhucht, agus seachdain às dèidh sin anns an Innis, Co. An Chláir, ann am Poblachd na h-Èireann.

Tha na geamanan seo air a bhith a' dol gach bliadhna bho thoiseach nan 80an, agus ged a tha na cluicheadairean nan càirdean far na pàirce, tha namhaid mhòr follaiseach às dèidh a' chiad bhraig de na camain.

Leis an seusan àbhaisteachd seachad, tha na cluicheadairean air a bhith a' trèanadh gu cruaidh airson an dùbhlan a tha romhpa.

Còig Puingean

Tha Camanachd na h-Èireann agus Camanachd na h-Alba a' tighinn bho na h-aon fhreumhan, a dol air ais 2000 bliadhna, ach an-diugh tha iad beagan eadar-dhealaichte.

Bidh na h-Èireannaich a' cluiche san adhair agus 's fheàrr le cluicheadairean na h-Alba cluich air an talamh.

Le riaghailtean an dà spòrs air am measgachadh airson gheamannan eadar-nàiseanta, tha e a' toirt ùine dha na cluicheadairean fàs eòlach air a' ghnothach.

Am bliadhna airson a' chiad uair gheibh na sgiobaidhean còig puingean airson gach tadhail, le aonan airson a bhith a' cur a' bhalla thairis air a' mhaide tarsainn.

B'àbhaist gur e dìreach trì puingean a gheibheadh iad airson tadhail.

Bu chòir gun cuidich seo na h-Albannaich, a tha nas cleachdte ri bhith a' cluiche barrachd air an làr.

Craoladh Beò

Cha do bhuannaich Alba an t-sreath bho 2008, agus tha sgioba fìor làidir aig na h-Èireannaich am bliadhna a-rithist.

Tha rionnag Camanachd na h-Èireann, Tommy Walsh, à Cill Chainnigh, air ais às dèidh dha a bhith air a leòn an-uiridh, agus tha triùir eile ann a chuireas eagal air luchd-leanntainn na h-Alba - Shane Dooley, Pádraig Maher agus Pádraig Horgan.

A dh'aindeoin neart na h-Èireann, tha misneachd aig Drew MacNèill is e deònach sealltainn cho sgileil 's a tha iomain na h-Alba.

Tòisichidh an geama Disathairne aig 1:15f. Tha tiocaidean ri fhaighinn aig geata na pàirce, £10 an urra do dh'inbhich agus £5 do dhaoine a tha aois a' pheinnsein.

Thèid a chraoladh cuideachd, beò air BBC2, le Uisdean MacIlleathain agus Gary Innes

Craolófar a chluiche freisin ar TG4 in Éirinn.