Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

19 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Port-adhair Ghlaschu

Chaidh seirbheisean èiginn a ghairm gu itealan aig Port-adhair Ghlaschu an-diugh sa mhadainn, agus an criutha ag ràdh gun robh ceò anns a' phlèana. B'fheudar don luchd-siubhail a bh' air bòrd a' phlèana aig Jet2 a bha còir falbh gu ruige Alicante, am plèana fhàgail. Chaidh seachd duine deug a ghoirteachadh a' tighinn a-nuas air na slighean teichidh, agus chaidh ceathrar dhiubh sin a thoirt don ospadal. Tha coltas gu bheil an raon-laighe a-nise fosgailte, ach tha dùil gum bi maill air seirbheisean tron là.

Saighdearan Marbha

Chaidh innse do theaghlaichean shaighdearan Breatannach a chaidh a mharbhadh ann an Iorac, gun urrainn dhaibh cùisean lagha a thogail an aghaidh Ministreachd an Dìon. Tha na teaghlaichean ag ràdh gun do dh'fhailig air an MOD ann a bhith a' cumail nan saighdearan sàbhailte, seach nach robh mòran dìon anns na carbaidean-rathaid anns an robh saighdearan a' siubhail, bho bhomaichean taobh an rathaid.

NATO

Bhòtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an-diugh air am bu chòir dhaibh cur às cur às do phoileasaidh eachdraidheil aca a tha ag ràdh gun tarraingeadh Alba neo-eisimeileach a-mach à NATO. Tha dùil gum bi mòran de na tagraichean aig co-labhairt a' phàrtaidh ann am Peairt gu tur an aghaidh a' ghluasaid, a dh'aindeoin 's gu bheil ceannardan an SNP ag ràdh gun diùltadh Alba dachaigh a thoirt do dh'armachd niuclasach fiù 's ged a bhitheadh ballrachd aice ann an NATO.

Gearradh Chosnaidhean

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis eadar Scrabster agus Sròm-nis ag ràdh gu bheil iad am beachd suas ri 36 dreuchd a ghearradh. Thurit Serco Northlink gu bheil iad mar thà air innse do luchd-obrach, agus na h-aonaidhean, gu bheil iad airson na gearraidhean a chur an sàs, le daoine a' fàgail nan obraichean aca gu saor-thoileach.

Horsiadair

Thèid crann-gaoithe Horsiadair ann an Siabost fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh. 'S e seo a' chiad chrann-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar a bhios a' toirt teachd-a-steach dhan choimhearsnachd. Tha dùil gun coisinn "Cuibhle an Fhortain" mar a tha iad a' gabhail air, suas ri £80,000 sa bhliadhna do mhuinntir na sgìre.

Margaidh a' Chumhachd

Dh'fhoillsich riaghladair a' chumhachd, Ofgem, planaichean a tha iad ag ràdh a nì margaidh a' ghas agus an dealain nas sìmplidh, nas soilleire agus nas cothromaiche do luchd-cleachdaidh. Bidh aig na companaidhean cumhachd ri innse don luchd-cleachdaidh aca mu na prìsean as saoire a tha iad a' tabhainn, gus gun tèid orra moladh do dhaoine gluasad gu companaidhean eile ma chùmhnas sin airgead dhaibh.