Cuibhle an Fhortain a' cur nan caran
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun dèan an crann-gaoithe suas ri £80,000 sa bhliadhna don choimhearsnachd.
Bidh fosgladh oifigeil ann Dihaoine airson crann-gaoithe ann an Horsiadar ann an Siabost air Taobh Siar Leòdhais.
'S e a' chiad chrann-gaoithe anns na h-Eileanan Siar a bheir teachd a-steach dhan choimhearsnachd anns a bheil e.
Thathas air 'Cuibhle an Fhortain' thoirt air anns an sgìre, far a bheil 70 taigh, agus tha dùil gum faigh a' choimhearsnachd mu £80,000 sa bhliadhna bhuaithe.
Thèid an t-airgead a roinn le urras leasachaidh.
Tha goireasan do dhaoine òga agus còmhdhail am measg nan rudan air am faodadh a' mhaoin a bhith air a chosg.
Bidh là co-chomhairleachadh coimhearsnachd ann ro dheireadh na mìos.