Rannsachadh poblach mu thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh poblach a' tòiseachadh anns an Aghaidh Mhòir Diluain mu phlanaichean gus tuath-gaoithe a thogail ann am Beanntan a' Mhonaidh Lèith.
Tha a' chompanaidh RWE Npower Renewables a' moladh 31 cruinn a thogail air làrach a tha mu leth mhìle taobh a-muigh Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Tha dragh air luchd-glèidhteachais mun bhuaidh a bheireadh an leasachadh air àrainneachd nam beanntan agus tha Comhairle Shreapadaireachd na h-Alba a-measg na tha a' cur na aghaidh.
Thuirt Chris Townsend bhon Chomhairle gu bheil an tuath-gaoithe seo air fear de dh'aon sgeamaichean deug a th' anns an amharc air oir air neo taobh a-staigh na Pàirce Nàiseanta.
Shamhlaich e na planaichean ri bhith a' fosgadh bhùth mhòr Tesco anns a' Grand Canyon.
Bhiodh an tuath-gaoithe comasach air cumhachd a chumail ri 43,000 dachaigh.
Tha dùil gum mair an rannsachadh poblach ceala-deug.