Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

22 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Savile

Seallaidh prògram Panorama aig a' BhBC, a thèid a chraoladh a-nochd, fianais ùr mu na bha de dh'fhios aig a' BhBC mu aithrisean gun robh Jimmy Savile ri drabastachd - agus mun adhbhar a cho-dhùin Newsnight gun a dhol air adhart leis an rannsachadh aca fhèin air an sgainneal. Tha am BBC air a dhol às àicheadh gun deach ìmpidh sam bith a chur air Newsnight an aithris aca a leigeil seachad - ri linn 's mar a bhathas gus prògraman a rinn moladh air Jimmy Savile a chraoladh, goirid an dèidh a bhàis.

Tuath-gaoithe

Tha rannsachadh poblach anns an Aghaidh Mhòir air tòiseachadh an-diugh 's iad a coimhead air planaichean connspaideach gus tuath-gaoithe a thogail air Beanntan a' Mhonaidh Lèith. Tha a' chompanaidh RWE Npower Renewables a' moladh aon chrann deug thar fhichead a thogail air làrach a tha mu leth mhìle bho Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Thuirt an fheadhainn a tha an aghaidh a' phròiseict gum biodh e coltach ri bùth mhòr a thogail anns a' Ghrand Canyon.

Murt

Chaidh fear a tha fo chasaid gun do mhurt e boireannach ann an Cardiff - agus gun do rinn e oidhirp air muirt air trì duine deug eile sa bhaile - a chumail an greim sa phrìosan. Chaidh ainmeachadh mar Matthew Tvrdon. Tha na casaidean a' buntainn ri iomairt anns an deach bualadh ann an ceithir duine deug le bhana, nach do stad, anns a' bhaile Dihaoine.

Sgoil Ghàidhlig

Nochd Comann nam Pàrant aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis beachd gur dòcha gun gabhadh duine a bhruidhneas Gaeilge fhastadh mar cheannard air an sgoil, ma dh'ionnsaicheas iad a' Ghàidhlig. Thuirt a' bhuidheann gum biodh e na b'fhasa do dhuine le Gaeilge a' Ghàidhlig a thogail. Tha a' bhuidheann diombach seach nach deach ceannard aig a bheil a' Ghàidhlig fhastadh airson na sgoile fhathast, agus gu bheil coltas ann gun tèid ceannard gun a' Ghàidhlig a chur don dreuchd làn-ùine.

Tuiltean

Tòisichidh obair an-diugh air a' chiad earann de sgeama airson Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean. 'S e a' chompanaidh Coffey Construction a fhuair an cùmhnant airson pìoban gas agus uisge, agus càbalan dealain 's fòn a ghluasad air gach taobh de dh'Abhainn Nis - eadar Drochaid Nis agus Drochaid nam Manach.