Inbhir Nis ga dhìon bho thuiltean

  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair Diluain air a' chiad phàirt de sgeama airson Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

'S e a' chompanaidh Coffey Construction a fhuair an cùmhnant airson pìoban gas agus uisge, agus càbalan dealain 's fòn, a ghluasad air gach taobh de dh'Abhainn Nis - eadar Drochaid Nis agus Drochaid nam Manach.

Mairidh an cùmhnant, anns a bheil luach £1.5m, suas chun a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

'S ann air Sràid a' Bhanca a thòisicheas an obair - agus bidh an rathad sin dùinte do chàraichean bho Dhiluain sa tighinn chun 10mh là dhen Dùbhlachd.

Tha Comhairle na Gàidhealachd air rabhadh a thoirt gun toir an obair na h-uidhir de bhuaidh air trafaic anns a' bhaile - le rathaidean gan dùnadh agus nas lugha àitean pàrcaidh do chàraichean.

Thig dàil air pàirt obair beagan ron Nollaig ri linn iarrtais bhon fheadhainn aig a bheil bùthan anns a' bhaile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh