Buaireadh ann am Baile Dhubhthaich

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal às dèidh buairidh ann an taigh ann am Baile Dhubhthaich Là na Sàbaid.

Chaidh ionnsaigh a thoirt air dithis - boireannach, 38, agus fireannach, 29, an lùib a' bhuairidh a thachair ann an taigh ann an sgeama-taigheadais Mhansefield.

B' fheudar dhan na polais oifigear-rèiteachaidh a chuir an sàs mus deach aca air triùir fhireannach a bha am broinn an taighe a chuir an greim.

Chaidh an dithis a bh' air an goirteachadh a thoirt do dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ach thathas a' tuigsinn nach eil iad ann an cunnart am beatha.