Casg rè-ùine air Super Puma

CHC website Image copyright Not specified
Image caption Se seo an cethramh uair ann a cethir bliadhna a tha trioblaid mar seo air a bhi ann le na Super Pumas.

Tha na trì companaidhean a tha a' ruith heileacoptairean gu raointean ola timcheall air Alba a-nis air a ràdh nach cleachd iad heileacoptairean Super Puma gum bidh rannsachadh air a dhèanamh , às dèidh mar a dh' fheumadh tè dhiubh thighinn a-nuas sa mhuir faisg air Sealtainn an-dè.

Cha deach duine dhen na bh' air bòrd a ghoirteachadh.

B' ann le CHC a bha an Super Puma EC225, ach tha Bristows agus Bond cuideachd ag ràdh nach cleachd iad an itealan sin gum bidh rannsachadh air a dhèanamh air na thachair.

Bha an heileacoptair Super Puma air sgèith a-mach à Obar Dheathainn 's i a' dèanamh air clàr West Phoenix an iar-thuath air Sealtainn nuair a thàinig i sios anns a' mhuir.

Bha seachd duine deug de luchd-obrach na h-ola air bòrd an heileacoptair - comhla ri dithis chriùbha.

'S e seo an ceathramh uair ann an cethir bliadhna a tha trioblaid mar seo air a bhi ann leis na Super Pumas.

Fìor chunnart

Tha cuid dhen fheadhainn a bha air bòrd air moladh mòr a dhèanamh air mar a laimhsich na pileatan suidheachadh fior chunnartach.

Tha a' chompanaidh CHC a-nis air casg re ùine a chuir air heileacoptairean Super Puma EC a dhà a dhà a còig - as dèidh sreath thubaistean leotha anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Bidh Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair a-nis a' sgrùdadh na thachair, agus gheall CHC an làn thaic a thoirt dhaibh.