Fuasgladh eadar-ama do dhotairean Ìle

Port Ìlein Image copyright Undicovered Scotland
Image caption Bidh na coinneamhan ann an ath sheachdain - ann an talla Bruthaich a' Chladaich agus talla Phort Ìlein

Bidh seirbheis dhotair ri fhaotainn tron oidhche ann an Ìle airson co-dhiù trì mìosan eile.

Bha an dithis dhotair a th' air a bhith an lùib na seirbheis air innse gun robh iad ga leigeal seachad 's iad a' gearain uallach na h-obrach.

A-nis tha Seirbheis na Slàinte air airgead a bharrachd a lorg airson lighichean eile fhastadh 'san eadar-ama.

Thèid coinneamhan poblach a chumail ann an Ìle air an ath sheachdain far am bi cothrom aig daoine ceistean a chur air riochdairean an NHS

Faochadh

Tha daoine a tha fuireach air an eilean air fàilte a' chuir air a naidheachd; nam measg Mairead Nic an t-Sagairt.

''Se faochadh a th'ann ga rìreabh,' thuirt i.

''Tha sinn air a bhi fortanach gu bheil seirbheis mhath dhotairean air a bhi againn rim eachdraidh ann an Ìle.''

''Bha iongnadh ann ach feumar sin a mheas an comas ri suidheachadh dhotairean air feadh na Gàidhealtachd agus àitean iomallach mar seo.''

''Bha e na iongnadh o chionn's nach robh ceistean air a bhi seo roimhe ach tha mi cìnnteach gu bheil ceistean daonnan ag èirigh a-nis mu chosgaisean.''

Tha am fuasgladh seo dìreach airson tri miosan, a' fàgail ceistean air cuid mun àm ri teachd.

Ceistean

''Bidh ceist nan inntinn ceart gu leòr air sgath's nach eil seo fad sheasmachd .'' Thuirt Bph Nic an t-Sagairt.

''Ach bithear an dòchas gu faighear freagairt air na ceistean sin gu h-àraid leis gu bheil trì mìosan aca ri feuchain air mar a thèid obrachadh.''

Bidh na coinneamhan ann an ath sheachdain - ann an talla Bhruthaich a' Chladdaigh, Diluain eadar 2-7f agus talla Phort Ìlein feasgar Dimairt eadar 2-7f.