Iain Finnie agus Sìne Urchadain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buill Ghàidhealach air an SNP fhàgail

24 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhàg dithis de bhuill-phàrlamaid na Gàidhealachd an SNP às dèidh dhan phàrtaidh am poileasaidh aca air ballrachd NATO atharrachadh.

Cho-dhùin Iain Finnie is Sìne Urchadain cùl a chur ris a' phàrtaidh agus an SNP air bhòtadh gum bu chòir do dh'Alba neo-eiseimealach a bhith na ball ann an NATO.

Thàinig an naidheachd agus am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air a dhol as àicheadh gun do dh'innis e breugan do Phàrlamaid na h-Alba a thaobh an d'fhuair an riaghaltas comhairle laghail mu bhallrachd Alba neo-eisimeileach san Aonadh Eòrpach.