Cumhachd ath-nuadhachail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Moladh air cumhachd ath-nuadhachail

24 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha eòlaiche air cumhachd ath-nuadhachail a' moladh gun tèid pròiseact mhòr rannsachaidh a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar airson coimhead air mar a dh' obraicheadh diofar sheòrsaichean chumhachd ath-nuadhachail còmhla.

Tha Murchadh Moireach ag ràdh gun cruthaicheadh seo cosnaidhean, agus gun toireadh e cothrom ceart dha na h-Eileanan an Iar buannachd fhaighinn bhon chumhachd a tha gan cuairteachadh.