An Ghaeilge agus a' Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Mhol Comann nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis gun deadh coimhead ri duine le Gaeilge fhastadh mar cheannard làn-ùine air an sgoil, nan ionnsaicheadh iad a' Ghàidhlig.
Tha a' bhuidheann den bheachd gum biodh e na b'fhasa do chuideigin a bhruidhneadh a' Ghaeilge a' Ghàidhlig a thogail, na bhiodh e do chuideigin a bha a' tighinn chun a' chànain rathad na Beurla.
Dè cho fìor 's a tha sin? Agus ma tha e fìor, am bu chòir cobhair a shireadh airson suidheachadh na Gàidhlig - i measc Ghael na hÉireann?
Dh'ionnsaich mise a' Ghaeilge às dèidh dhomh fàs fileanta sa Ghàidhlig, agus cha robh cus duilgheadais agam leatha. Aithnichear anns an t-suidheachadh sin mar a tha cànan Gàidhealach ag obrachadh, agus cha robh ann ach a bhith ag èisteachd, a' leughadh agus a' bruidhinn gun dragh mu mhearachdan.
Eadar-dhealachaidhean
Mar as dlùithe a dh'èist mi, 's ann nas gainne a rinn mi mearachdan - ach cha do dh'èist mi buileach dlùth gu leòr fhathast.
Mu dheireadh, bha mi a' sgrìobhadh aistidhean a' chùrsa oilthigh agam (bha mi treis nam oileanach thall) anns a' Ghaeilge - rud a bha furasta, le grèim bunaideach agam air a' ghràmar, oir bha na faclairean ann air a shon, bhon Bheurla dhan Ghaeilge. Cha robh an aon rud fìor mun Ghàidhlig aig an àm.
Dh'fhaodadh gum fàgadh sin an gnothach na bu dhuilghe do dh'Èireannach a' Ghàidhlig ionnschadh na an rathad eile, oir tha a' Ghaeilge air a leasachadh a thaobh briathrachais cus nas motha na tha a' Ghàidhlig, leis gu bheil inbhe oifigeil air a bhith aice o chionn ùine mhòir a-nis.
Tha cùisean air tighinn air adhart a-nise a thaobh fhaclairean air-loidhne sa Ghàidhlig ge-tà, a tha ag obair gach rathad, agus theagamh gum biodh sin na chuideachadh mòr.
Tha an dà chànan gu math faisg air a chèile. Nuair a dh'fhaighnich duine dhiom turas dè cho faisg 's a tha iad, thuirt mi "Tha iad faisg gu leòr airson trioblaidean adhbharachadh."
Nise, thuirt mi gun robh e furasta dhomh a' Ghaeilge ionnsachadh. A bheil na thuirt mi an sin a' dol calg-dhìreach an aghaidh sin? Tha 's chan eil.
Tha eadar-dhealachaidhean ann, ach chan eil cus dhiubh ann. Tha corra fhacal a tha a' ciallachadh rud eadar-dhealaichte anns a' chànan eile.
Mar eisimpleir, tha sràid ann an teis meadhan Bhaile Átha Cliath, air a bheil Sráid na Feise. Chan e! 'S e Parliament Street a' Bheurla a th' air. Rud coltach ri fèis anns a' Ghàidhlig, ann an dòigh.
Bha ùidh aig caraid dhomh aig a bheil a' Ghaeilge gu fìor fhileanta feuchainn ri còmhradh a chumail eadar an dà chànan, agus dh'fheuch sinn. Chùm sinn a' dol gun cus dragh fad fichead mionaid, ar n-inntinnean a' dol ceithir-timcheall air facal an siud 's an seo a bha an duine eile ag ràdh, feuch a' chiall cheart a lorg. Ann an cò-theacsa a' chòmhraidh ge-tà, cha robh mòran air a chall.
Dualchainntean
Tha an duine sin gu math fileanta sa Ghaeilge, agus tha an gnothach a' crochadh gu ìre air an dualchainnt a th' aig an Èireannach.
Tha Gaeilge Uladh - a bhruidhnear ann an Dún na nGall as motha, ach cuideachd barrachd is barrachd ann an Èirinn a Tuath - gu math faisg air a' Ghàidhlig, ach tha corra rud a tha ga dèanamh doirbh, leis gu bheil fuaimneachadh na dualchainnt sin a' fàgail às cuid de na fuaimean ris am biodh Gàidheal Albannach an dùil.
Tha Gaeilge Chonnachta - timcheall air Gaillimh - eadar-dhealaichte, agus chan eil i cho buileach furasta a thuigsinn bhon Ghàidhlig - ged nach eil i cho doirbh sin nas motha.
Agus tha Gaeilge (Gaelainn) na Múmhan ann - timcheall air Corgaigh agus Ciarraí. Sin an dualchainnt as fheàrr leam fhèin - gun dìmeas a dhèanamh air càch - agus tha i gu math eadar-dhealaichte - ach air corra dhòigh, caran coltach ri Gàidhlig na h-Alba. 'S dòcha gu bheil cho eadar-dhealaichte 's a tha i ga dhèanamh nas fhasa dhomhsa an dà chànan a chumail fa-leth agus mi a' bruidhinn ge-tà.
Seo agaibh eisimpleirean ma-tha:
- Gaeilge Uladh - Caidé mar atá tú?
- Gaeilge Chonnachta - Cén chaoí (ina) bhfuil tú? (Dè do chor?)
- Gaelainn na Múmhan - Conas atá tú? (no "conas athánn tú?" ann an corra sgìre).
Tha na h-uidhir an sin a tha furasta gu leòr a thuigsinn, agus 's ann leis an leithid sin de dh'abairt as trice a thòisichear air a' Ghaeilge (cànan sam bith?) ionnsachadh.
Chan eil na h-uidhir sin de Ghàidheil na h-Alba ann fhathast a th' air a' Ghaeilge ionnsachadh, ach tha àireamh mhath de dh'Èireannaich aig a bheil a' Ghàidhlig gu ìre air choireigin.
Feumar cuideachd coimhead ris na figearan fhèin. Anns an "daonáireamh" (cunntas-sluaigh) mu dheireadh, bha cha-mhòr 82,600 duine ann an Èirinn a' cumail a-mach gur i a' Ghaeilge a bhios iad a' cleachdadh gu làitheil.
Tha sinne fhathast a' feitheamh feuch co mheud Ghàidheal a th' ann an ceartuair ann an Alba, ach an turas mu dheireadh, bha beagan is 58,000 ann - agus daoine nas òige na 30 gu math gann.
Ann an Èirinn, tha àireamh mhath de dhaoine òga (an coimeas ris a' Ghàidhlig) a bhruidhneas a' Ghaeilge, as bi dè cho fileanta 's a tha iad. Gu dearbha, ao-coltach ri Alba, tha fada a bharrachd luchd-ionnsachaidh aig a' Ghaeilge na th' ann de dhaoine a fhuair i aig a' ghlùin - co-dhiù an e suidheachadh math no dona a tha sin.
A-rèiste, a bheil sinn air a bhith a' call cothrom an seo a thaobh cuideachadh fhaighinn don Ghàidhlig? Dh'fhaodadh gum biodh gu leòr de Ghaeil na hÉireann aig am biodh ùidh pàirt a ghabhail anns na tha a' dol a thaobh na Gàidhlig ann an Alba.