Sgoil ùr air fosgladh

BBC
Image caption Tha am facal 'còmhla' a' nochdadh air suaicheantas na sgoile, son comharrachadh gur ann à dà choimhearsnachd a tha na sgoilearan a' tighinn.

Dh'fhosgail sgoil ùr Beinn Uais ann an Drochaid Sgudeil.

Chaidh clann, luchd-obrach agus pàrantan a chaismeachd dhan toglach ùr le pìobairean air an ceann son fosgladh na sgoile a chomharrachadh.

Tha deich seòmraichean-teagaisg san sgoil ùir, anns a bheil 238 sgoilearan.

Tha cuideachd leabharlann, seòmar-coimhearsnachd, talla-spòrs agus pàirce-spòrs a-muigh le solais.

A bharrachd air sin tha sgoil-àraich cuideachd san togalach ùr.

Cosgais

Chosg an sgoil cha-mhòr £9m agus tha i a' dol an àite dhà sgoil a bh' ann roimhe - Bun-sgoil Dhrochaid Sgudeil agus Bun-sgoil Bhaile Màiri.

Bha connspaid gu leòr ann mun cho-dhùnadh sin agus cuid de phàrantan bho Bhun-sgoil Bhaile Màiri a' cur an aghaidh nan sgoiltean a chur còmhla.

Chaidh suaicheantas a dhealbh son na sgoile agus am facal 'còmhla' a' nochdadh ann son eachdraidh an dà sgoil a chomharrachadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach robh airgead gu leòr ann son dà sgoil ùr a thogail ann am bailtean a tha cho builleach faisg air a chèile.

Tha a' Chomhairle cuideachd an dùil gun tig barrachd dhaoine a dh'fhuireach san sgìre anns na bliadhnaichean ri tighinn, is tha iad ag ràdh gun gabh an sgoil ùr a leudachadh son sgoilearan a bharrachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile