Albannaich a' dèanamh air Èirinn

Alba is Èirinn ann an Inbhir Nis. Image copyright Neil G Paterson
Image caption Tha Èirinn ann an suidheachadh làidir às dèidh dhaibh a' chiad gheama a bhuannachadh 25-19.

Bidh trì sgiobaidhean iomain Albannach ann an Èirinn aig an deireadh-sheachdain is iad a' dol an aghaidh cuid de na cluicheadairean iománaíochta as fheàrr a th' ann.

Bidh a' chiadh gheama ann oidhche Haoine eadar na sgiobaidhean fo aois 21.

'S e dùbhlan a bhios ann dha na h-Albannaich òga agus làmh an uachdair aig na h-Èireannaich aig an ìre seo fad grunn bhliadhnaichean a-nise.

Os cionn sgioba na h-Alba ge-tà, tha fear a bha thall is a chunnaic - Raghnall Ros.

Bha Ros na phàirt de sgiobaidhean Albannach a bhuannaich geamaichean eadar-nàiseanta aig ìre fo 21 agus aig an ìre as àirde, is tha e dòchasach gun dèan na h-Albannaich òga nas fheàrr am bliadhna.

Beàrn

"Bha beàrn eadar na sgiobaidhean anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh is feumaidh sinn am beàrn ud a dhùnadh," thuirt e.

"Rinn sinn rannsachadh air sgioba na h-Èireann is tha coltas glè làidir orra - ach tha deagh sgioba againne am bliadhna.

"An sgiobair againn, Ruairidh Ceannadach, chanainn gur e an cluicheadar-dìon as fheàrr aig Bail' Ùr an t-Slèibh, is tha Greg MacMhathain againn cuideachd, a tha air an t-uabhas thadhal a chur son Lòbhat sa Phrìomh Lìog.

"Bha e a' cur dragh orm son tacan a-nise nach robh na cluicheadaran as fheàrr fo 21 a' nochdadh anns an sgioba eadar-nàiseanta, ach am bliadhna, chanainn gu bheil sinn nas fhaisge air an sgioba as fheàrr a th' againn a chur air a' phàirce," thuirt e.

Solais

Thèid an geama seo air adhart fo na solais aig Pàirce St Josephs Doora Barefield ann an Inis, Co. an Chláir aig 19:30.

Madainn Disthairne thèid boireannaich na h-Alba an aghaidh sgioba thaghta camógaíochta à Co. an Chláir fhèin.

Chan eil fios dè cho làidir sa bhios na h-Èireannaich ach tha Alba air sgioba làidir le eòlas gu leòr a thaghadh is bidh iad an dòchas an geama a bhuannachadh son na treas bliadhna ann an sreath.

Bidh an geama ann aig 11:00 aig Pàirce Father McNamara ann an Co. an Chláir.

Geama nam fear

'S ann feasgar Disathairne a tha geama mòr nam fear agus Èirinn air thoiseach às dèidh a' chiad gheama ann an Inbhir Nis.

Chrìochnaich an geama sin 25-19 dha na h-Èireannaich ach bha boillsgeadh de dhòchas ann son Alba le dà thadhal anmoch bho Chaoimhin Bartlett agus Neil Dòmhnallach.

Fhuair Èirinn 2 phuing son an geama a ghlèidheadh agus puing eile son co-dhiù 2 thadhal fhaighinn.

Thug na tadhail anmoch puing do dh'Alba ge-tà son an sreath fhàgail aig 3-1 airson Èireann, is cothrom aig Alba fhathast air a ghlèidheadh.

Fhuair Alba spionnadh cuideachd leis an naidheachd nach bi Pàdruig Horgan a' cluich dha na h-Èireannaich Disathairne.

Cron

Rinn Horgan na h-uidhir de chron air Alba sa chiad gheama leis fhèin, is e a' crìochnachadh le 22 de na 25 puingean a fhuair an sgioba aige.

Tha Horgan a-nise air saor-làithean is bidh sin na fhaochadh do dh'Alba, ged a bhios aca ri sùil gheur a chumail air Seumas Callanan à Tiobraid Árann, a ghabas àite Horgan ann am buidheann na h-Èireann.

Bidh fios aig na h-Albannaich gum feum iad an dàrna geama a bhuannachadh son dà phuing fhaighinn, is bidh iad cuideachd gu mòr ag amas air co-dhiù dà thadhal fhaighinn air an là, gus puing eile a chosnadh.

"Chan eil sinn ach aig leathach slighe," thuirt manaidsear na h-Alba, Drew MacNèill.

"Tha cothrom againn fhathast - is nì sinn oidhirp mhòr thall ann an Èirinn," thuirt e.

Tha an geama ann aig Páirce Uí Chíosóg ann an Inis aig 14:05 is thèid a chraoladh beò air BBC Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile