Rannsachadh RET a' tighinn gu ceann

Aiseag Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar a' rannsachadh buaidh an àrdachaidh ann am faraidhean bathair air eaconamaidh nan Eilean.

Thig rannsachadh air-loidhne mu atharrachadh ris an sgeama RET do luchd-bathair gu ceann Dihaoine.

Nochd dragh mòr nuair a chaidh fhoillseachadh gun atharraicheadh an sgeama as t-Earrach am bliadhna - a' fàgail gun tigeadh àrdachadh 50% air faraidhean do charbadan coimearsalta.

Tha àrdachadh eile de 50% san amharc sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Chuir Riaghaltas na h-Alba rannsachadh air dòigh gus dearbhadh dè a' bhuaidh a thug an t-àrdachadh air luchd-gnothaich agus air eaconomaidh nan Eilean.

Buaidh Fharsaing

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamaich Comhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì, gu bheil an t-àrdachadh a' toirt buaidh air muinntir nan Eilean air fad.

"Tha buaidh aige air a h-uile dachaigh 's air a h-uile teaghlach - chan e a-mhàin air gnìomhachas," thuirt e.

Tha a' Chomhairle ag iarraidh air na 's urrainn de luchd-gnothaich anns na h-Eileanan, pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh an Riaghaltais.

Tha Mgr Mac a' Phì ag ràdh gum feum fianais chruaidh a bhith aca mu bhuaidh an àrdachaidh.

"Mar as motha de dhaoine a chuireas a-staigh beachd, 's ann nas cudromaiche a bhios am fiosrachadh agus 's ann as fheàrr a bhios e," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo