Diabaig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist mu na tha an dàn do Dhìobaig

26 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ceist air eirigh mu na tha an dàn do bhaile beag air Taobh Siar Rois, 's coltas ann gun tèid an togalach poblach mu dheireadh ann a reic a dh'aithghearr.

Dhùin an sgoil ann an Dìobaig bho chionn iomadach bliadhna, 's tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' sireadh thairgsean airson an togalaich.

Bha Marine Harvest ga chleachdadh greis airson tuathanas eisg a bh'aca sa bhàgh, ach tha sin fhèin a-nis air dùnadh.