Sràidean dùinte ann am meadhan Inbhir Nis
- Published
Bidh cuid de shràidean ann am meadhan baile Inbhir Nis dùinte grunn sheachdainnean ri linn obair gus am baile a dhìon bho thuiltean.
Tòisichidh an obair Diluain 29mh an Damhair, la ballachan gan cur an-àirde ri taobh Abhainn Nis.
Bidh Sràid a' Bhanca air taobh sear na h-aibhne, agus Ceum nam Manach air an taobh shiar, dùinte fad sia seachdainnean.
Tha dùil ri tuilleadh troimhe-chèile sna mìosan a tha romhainn, fhad 's a chuirear crìoch air an obair.
An Giblean 2015
Cosgaidh an obair £24.75m, agus e ag amas air mu 800 dachaigh, agus 200 gnothachas ann am meadhan a' bhaile a dhìon bho thuiltean na h-aibhne.
Bidh a' chompanaidh Coffey Construction Eta. a' cur phrìomh phìoban a' ghas 's an uisge, agus càbalan dealain rathad eile air gach taobh na h-aibhne mar thoiseach-tòiseachaidh.
Tha dùil gum bi an obair uile gu lèir deiseil sa Ghiblean 2015.
A thuilleadh air Sràid a' Bhanca agus Ceum nam Manach, bidh cuideachd buaidh air na h-àiteachan a leanas:
- Sràid Hunndaidh - casg air pàrcadh uaireigin eadar 24mh an t-Samhain agus an Giblean 2013. Bidh cuideachd cuid de na sràidean a tha a' tighinn far n sràide seo gan dùnadh an-dràsta 's a-rithist a rèir 's mar a tha feum air. Thèid seach-shlighean a chur air dòigh. Gheibh na seirbheisean èiginneach, dràibhearan le baidse ciorramachd, luchd-gnothachais agus luchd-còmhnaidh air faighinn troimhe ge-tà.
- Sràid a' Bhanca / Ceann-rathaid Sràid na Drochaid - thèid obair a dhèanamh thar na h-oidhche gus am buaireadh as lugha adhbharachadh air trafaig gach rathad thairis air Drochaid Nis. 'S ann air na h-oidhcheanan seo a leanas a tha dùil an obair seo a dhèanamh: 19/20mh, 20/21mh, agus 21/22na an t-Samhain.
- Sràid a' Bhanca agus Ceum nam Manach (Eadar Sràid an Fhrisealaich agus Sràid an Acadamaidh) - bidh Sràid a' Bhanca, eadar ceann Ceum nam Manach / Sreath Dhùbhghlais agus Sràid an Fhrisealaich, agus Ceum nam Manach fhèin dùinte eadar 29mh an Damhair agus 10mh an Dùbhlachd. Cuirear seach-shlighean air dòigh tarsainn Drochaid nam Manach agus Sràid Choinnich. Gheibhear a-steach gu Sràid na h-Eaglaise bho Shràid an Acadamaidh fad na h-ùine ge-tà. Gheibh na seirbheisean èiginn s.m.s.a.a. a-steach gu Sreath Dhùbhghlais agus Sràid nam Manach aig àm sam bith.
- Sreath Dhùbhghlais, Sràid Taobh na h-Aibhne, Sràid nam Manach, agus Sràid a' Ghlìb - casg air pàrcadh, a rèir 's mar a tha feum air, gu ruige a' Ghiblein 2013. Bidh feum air na rathaidean a dhùnadh aig amannan eadar 29mh an Damhair agus 10mh an Dùbhlachd, agus eadar 4mh am Faoilleach 's 10mh an Gearran. Gheibh na seirbheisean èiginneach s.m.s.a.a a-steach aig àm sam bith ge-tà.