Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

26 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

EDF Energy

Dh'fhoillsich a' chompanaidh cumhachd EDF Energy bho chionn ghoirid gun tèid na prìsean gas agus dealain aca an-àirde còrr is 10% bhon Dùbhlachd. Tha dùil gun toir seo buaidh air timcheall air trì millean teaghlach air feadh na rìoghachd. 'S e EDF an còigeamh companaidh cumhachd a th' air na prìsean aca a chur an-àirde ann am beagan sheachdainnean.

Superpuma

Thòisich na h-uidhir de dh'itealain Superpuma a' frithealadh chlàran-ola a' Chuain a Tuath airson a' chiad uair bho thàinig tè de na heileacoptairean a-nuas far chosta Shealtainn. Tha am modal EC225 a bha an sàs anns an tubaist sin Diluain fhathast a-mach à seirbheis ge-tà. Thèid planaichean a dhealbhachadh an-diugh le riochdairean gnìomhachas na h-ola airson na ceudan luchd-obrach a chaidh a ghlacadh air clàran-ola air sàilleabh na tubaiste fhaighinn dhachaigh.

Murt

Chaidh Breatannach a bha ag obair mar oifigeach aig a' chompanaidh ola ExxonMobil, a mhurt anns a' Bheilg. Chaidh trì peilearan a losgadh air Nicolas Mockford, a bha 60 bhliadhna de dh'aois, fhad 's a bha e fhèin agus a bhean a' fàgail taigh-bìdh air iomall a' Bhruiseil. Thuirt Exxon gu bheil murt Mhgr Mockford a' cur uabhais orra, ach nach eil fianais sam bith aca gu bheil ceangal eadar a' chùis agus an obair a bha e a' dèanamh dhaibh.

Ospadal Rotherham

Thèid 650 obraichean a chall aig ospadal ann an Yorkshire a Deas. Thuirt Urras Slàinte na sgìre gum feum iad na h-obraichean a ghearradh aig Ospadal Rotherham ma tha iad a' dol a dh'amas air targaidean an Riaghaltais, ach nach eil iad a' smaointinn gun toir seo buaidh air cùram nan euslainteach. Tha na h-aonaidhean ciùird a' coireachadh droch stiùiridh airson nan gearraidhean.

Siria

Tha e air aithris gun deach am fois-fòirneirt eadar-amail a bhriseadh ann an Siria, le sabaid a' tòiseachadh mu thimcheall air fear de dh'ionadan-airm na dùthcha. Thuirt luchd-amhairc gu bheil reubaltaich a' feuchainn ri campa Wadi Deif, a tha dìreach leth-mhìle on phrìomh rathad eadar Damascus agus Allepo, a ghabhail thairis, agus gu bheil feachdan an Riaghaltais air sligean a losgadh air baile beag faisg air làimh.

Afganastan

Bhàsaich co-dhiù 41 duine ann an spreadh fèin-mhairbhteach ann an ceann a tuath Afganastan. Thachair an ionnsaigh taobh a-muigh Mosg ann am baile Maymana.

Tha dùil gun nochd balach aois 15 ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Obar Dheathain an-diugh fo chasaid mèirle armaichte. Thuirt Poilis Roinn a' Mhonaidh gun deach bùth a' Cho-op aig Pàirce Sclattie ann am Bucksburn a chreachadh madainn na Sàbaid, agus gun deach toirt air manaidsear na bùtha còrr is £1,000 a thoirt seachad.