Albannaich gam pronnadh an Èirinn

Èirnn is Alba Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bha làmh an uachdair aig Èirinn tron gheama.

Bhuannaich Èirinn sreath eadar-nàiseanta na h-iomain gu furasta agus iad a' toirt fìor phronnadh air Alba san darna gheama.

Bha Èirinn air thoiseach bhon chiad gheama ann an Inbhir Nis agus bha an gnothach seachad ann an Co. an Chláir trath Disathairne, is na h-Èireannaich air còig tadhail a chur ro leathach ùine.

Rinn Alba beagan nas fheàrr san darna leth ach bha beàrn mhòr eadar na sgiobaidhean.

Chrìochnaich an geama 8-11 (51) gu 4-3 (23).

Dh'fhàg sin gun do bhuannaich Èirinn an t-sreath 6-2.

S' iad na h-Èireannaich a bhuannaich an geama aig ìre fo 21 oidhche Haoine cuideachd, ged a bha e gu math nas fhaisge.

Bha Alba air thoiseach gun ach beagan mhionaidean ri dhol ach chrìochnaich Èirinn gu làidir, is iad a' buannachadh 3-8 (23) gu 2-9 (19).

Bha naidheachd nas fhèarr ann do dh'Alba ann an geama nam ban.

Rinn sgioba na h-Alba a' chùis air sgioba thaghte à Co. an Chláir 5-6 (21) gu 1-2 (5).