Iomairt FlySkye an impis tòiseachadh
- Published
Tòisichidh iomairt ùr an t-seachdain seo a tha ag amas air seirbheis adhair ùr a stèidheachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus meadhan na h-Alba.
Tha a' bhuidheann-iomairt, air a bheil FlySkye, a' dèanamh dheth gum faodadh ceangal adhair feum mòr a dhèanamh do dh'eaconamaidh agus coimhearsnachd an eilein.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus HiTrans mar-thà a' rannsachadh an gabhadh seirbheisean adhair a thòiseachadh às ùr, ach tha an luchd-iomairt a' cumail a-mach gun do dhearbh aithisg a dh'fhoillsich HiTrans ann an 2007 gun robh dha-rìribh iarrtas ann airson leithid de sheirbheis.
B' ann ann an 1988 a chaidh raon-laighe Aiseig a chleachdadh mu dheireadh le plèana coimearsalta, ged a dh'fhaodas e a bhith air a chleachdadh fhathast leis na seirbheisean èiginn.
Farpais
'S e Prionnsabal Shabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, fear den fheadhainn a tha an lùib iomairt FlySkye.
Tha esan a' dèanamh dheth gum feum seirbheisean adhair tòiseachadh a-rithist cho luath 's a ghabhas gus am bi e comasach dhan Eilean Sgitheanach farpais ri coimhearsnachdan eile a thaobh ghnothaichean leithid turasachd agus gnìomhachais.
Tha e cuideachd an dùil gum faodadh seirbheisean-adhair a bhith gu buannachd na colaiste.
"Tha oileanaich eile againn a tha a' tighinn à dùthchannan thall-thairis as t-Samhradh a dh'ionnsaigh an t-Sabhail - bha feadhainn againn à dà dhùthaich thar fhichead as t-Samhradh gu na cùrsaichean goirid againn agus dhèanadh e feum dhaibh-san 's dhèanadh e feum do dh'fheadhainn eile nach b' urrainn tighinn chun an seo," thuirt e.
Thuirt Mgr. Robastdan nach deach co-dhùnadh fhathast ge-tà, an e ceangal a Ghlaschu neo Dhùn Èideann a b' fheàrr a fhreagradh air daoine, agus gur e sin tè de na ceistean ris am bi sgrùdadh Comhairle na Gàidhealtachd, HIE agus HiTrans a' coimhead.
Thèid iomairt FlyeSkye a chur air bhog gu h-oifigeil Diardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 11 An t-Iuchar 2012