Sgeama iolairean Mhuile a' faighinn urraim

Iolaire
Image caption Tha deich bliadhna ann bho thòisich sgeama iolairean Mhuile.

Choisinn buidheann ann am Muile, a bhios a' toirt luchd-turais a dh'fhaicinn iolairean-mara, duais còig rionnagan bho VisitScotland.

Chan e seo ach an dàrna àite ann an Alba a fhuair duais còig rionnagan bho bhuidhinn-turasachd na h-Alba.

'S i duais cheithir rionnagan a bh' aca roimhe.

Tha an sgeama air a ruith ann an co-bhonn eadar Coimisean na Coilltearachd, Urras Coimhearsnachd Mhuile 's Eilean Ìdhe, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun.

Buaidh Eaconamach

Tha Ministear Àrainneachd na h-Alba, Pòl Wheelhouse BPA, am measg na chuir fàilte air an duais, 's e ag ràdh gu bheil an sgeama na dheagh eisimpleir de choimhearsnachd agus buidhnean eile ag obrachadh còmhla.

Tha e ag ràdh gu bheil pròiseact nan iolairean a' toirt £5m a-steach dhan eaconamaidh ionadail gach bliadhna.

Dh'aidich Emily Edwards bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gu bheil iolairean air a bhith nan adhbhar connspaid ann an cuid de sgìrean, 's croitearan a' cumail a-mach gu bheil iad a' falbh le uain.

"'S dòcha anns na bliadhnaichean ri thighinn gum bi againn ri coimhead air àireamh nan iolairean-mara gus smachd a chumail air na duilgheadasan sin," thuirt i.

Thuirt i cuideachd ge-tà, gu bheil na h-iolairean gu math sònraichte.

"Tha na h-iolairean mara gu math diofraichte bho eun sam bith eile a th' againn ann an Alba neo ann an am Breatainn - an toiseach tha iad cho mòr .. ach cuideachd tha iad dùthchasach do dh'Alba agus, leis gun deach iad à bith an seo roimhe, tha uallach oirnn a-nis a bhith a' toirt cuideachaidh dhaibh soirbheachadh an seo," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile