Taigh Savile ann an Gleann Comhann air a mhilleadh

Seann taigh Jimmy Savile ann an Gleann Comhann
Image caption Cheannaich Savile an taigh ann an 1998.

Chaidh taigh ann an Gleann Comhann, a bha le Jimmy Savile, a mhilleadh air an deireadh-sheachdain.

Dhearbh na Poilis anns a' Ghearasdan gun deach fios a chur orra madainn Didòmhnaich, le fear a bha a' dràibheadh seachad air an A82 aig an àm, gun deach peanta a smeuradh air ballachan an taighe.

Thàinig e am bàrr às dèidh làimhe gum faca duine eile triùir fhireannach, sna 20an aca, a' sadail chlachan agus peanta air an taigh.

Chunnacas cuideachd, càr dubh mu choinneimh an taighe, agus na dorsan fosgailte.

Urras Carthannais

Tha Jimmy Savile, a bhàsaich an-uiridh, fo rannsachadh an-dràsta, agus còrr is 300 casaid air gun tug e ionnsaighean drabasta air chloinn.

Thuirt na Poilis nach robh coltas sam bith gun deach milleadh a dhèanamh air an taigh an turas mu dheireadh a rinn iad san sgrùdadh air Diciadain seo chaidh.

Thathas a' tuigsinn gur ann tràth madainn Didòmhnaich a chaidh am milleadh a dhèanamh.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur air na Poilis anns a' Ghearasdan.

Bha an taigh gu bhith air a reic, gus an do chuir urras carthannais Savile stad air na planaichean sin, 's iad an dùil a dhèanamh na ionad fois do chiorramaich.

Cha thachair sin a-nise ge-tà, agus an t-urras air innse gu bheil iad a' sguir de an cuid obrach ri linn an sgainneil.