Deasbad nan Sgoiltean air fàire

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh 20 sgoil bho air feadh Alba a' gabhail pàirt anns an fharpais

Tòisichidh a' chiad chuairt de Dheasbad nan Sgoiltean ann an Steòrnabhagh an ath-sheachdain.

'S e seo a' 14mh bhliadhna den deasbad, a th' air a mhaoineachadh le BT Alba.

Bidh 22 sgioba a' gabhail pàirt anns an deasbad am bliadhna, a' riochdachadh 20 sgoil bho air feadh Alba - an àireamh as motha fhathast.

'S ann anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh a chumar a' chiad dhà chuairt dhen fharpais, air Diciadainn an 7mh là dhen t-Samhain, agus Diardaoin an 8mh là.

Tha na deasbadan sin fosgailte dhan mhòr-shluagh.

Thèid na ceithir sgiobannan leis an àireamh as motha de phuingean troimhe chun nan iar-chuairtean deireannach den fharpais ann an Ionad Sgeulachdan na h-Alba ann an Dùn Èideann.

'S ann am Pàrlamaid na h-Alba a chumar a' chuairt dheireannach de Dheasbad nan Sgoiltean air Diciadainn an 28mh là den t-Samhain.

"Adhbhar Misneachd"

'S iad Jo NicDhòmhnaill, a bha roimhe na Neach-deasachaidh aig Craoladh nan Gàidheal, Raonaid Nic a' Phearsain a tha na h-iar-cheannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus Iain Moireasdan a bha na fhear-naidheachd aig a' BhBC agus a tha a-nis os cionn na companaidh Morrison Media Solutions a bhios nam britheamhan am bliadhna.

Thuirt Jo NicDhòmhnaill gu bheil e a' toirt toileachais dhi a bhith an lùib Deasbad nan Sgoiltean.

"'S e dìreach tlachd agus adhbhar misneachd a th' anns an Deasbad agus tha mise a' faireachdainn cho fortanach gu bheil an cothrom agam èisteachd ri daoine òga às gach ceàrnaidh den dùthaich a' deasbad air a h-uile seòrsa cuspair. Tha iad cho siubhlach, cho eirmseach agus cho dòigheil," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh