Tuilleadh leasachaidh air an A830
- Air fhoillseachadh

Thèid casg-astair ùr a chur air earrainn den rathad.
Chaidh aontachadh barrachd leasachadh a dhèanamh air rathad an A830 eadar an Gearasdan agus Malaig.
Chumadh coinneamh eadar Còmhdhail Alba agus coimhearsnachdan na sgìre Dimàirt, far an deach an t-aonta a dhèanamh.
Thathas a' moladh còmhdach garbh a chur air trì lùban san rathad, agus casg-astair de 50 mìle san uair a chur air an rathad eadar Gleann Fhionghainn agus Loch Àilleart.
Tha an rathad gu math cudromach an dà chuid a thaobh turasachd, agus leis gu bheil e a' ceangail a' bhàt-aiseig às an Eilean Sgitheanach ris a' Ghearasdan.
Chaidh earrainnean den rathad ath-leasachadh gu mòr thairis air an deich bliadhna a dh'fhalbh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh