Sgeama hydro prìobhaideach ga mholadh

Seann Mhuilleann Shiaboist Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Mgr Moireach gum faoidte seann làraichean mhuilnean airson leithid de sgeamaichean beaga.

Tha teaghlach a tha a' togail taighe ann an Griomisiadair air na Lochan ann an Leòdhas a' faighinn dealain airson an taighe à sgeama hydro a thog iad faisg air làimh.

Thuirt Kenny MacArtair gun tug e còig bliadhna na ceadan agus an uidheamachd fhaighinn ach gu bheil e misneachail a-niste, dìreach aon sheachdain bho thòisich e air an sgeama a chur gu feum, gum pàigh e air a shon fhèin an taobh an staigh còig bliadhna.

Tha an t-eòlaiche cumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach, ag ràdh gu bheil deagh chothrom ann air sgeamaichean beaga den t-seòrsa seo a thogail cuideachd.

"Seo an seòrsa rud is caomh leamsa dìreach glan," thuirt e.

"A' faicinn bùirn a' tighinn a-mach às an abhainn, 's a' dol a-steach air ais 's e air a chleachdadh airson cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

"Chan eil càil cho èifeachdach ri sgeama hydro aig deireadh an là, ann an dàimh ri cumhachd ath-nuadhachail, 's e sgeama hydro an rud as èifeachdaiche a th' ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e a dh'fheumte coimhead ris, 's e stòradh pumpa, far am biodh tu a' cleachdadh, samhail far an robh muilnean uaireigin, gum biodh tu a' cleachdadh nan àiteachan sin, ach gum biodh tu gan cleachdadh ann an dàimh ri rudan eile.

"Mar crainn-ghaoithe agus cumhachd na mara," thuirt e.