Cha nochd SNH aig rannsachadh mu thuath-gaoithe Allt Duine
- Published
image copyrightPA
Chaidh fàgail air prìomh bhuidhinn chomhairleachaidh àrainneachail an Riaghaltais nach eil iad a' dèanamh an dleastanais, le bhith a' fuireach air falbh bho rannsachadh mu bhuaidh thuath-gaoithe ann am Bàideannach.
Thòisich an rannsachadh air an sgeama air 22na an Damhair, anns an Aghaidh Mhòir.
Thubhairt a' bhuidheann Ramalairean na h-Alba gu bheil e iongantach dha-rìribh nach bi Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) an làthair aig rannsachadh mu thuath-gaoithe air iomall Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Thuirt SNH gu bheil iad air fianais sgrìobhte a chur chun an rannsachaidh.
Bhiodh 31 chrann anns a' phròiseact aig Allt Duine, anns a' Mhonadh Liath, agus iad 410 troighean de dh'àirde aig a' char as motha.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh