Gearraidhean eile gan deasbad aig Comhairle nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Chuir a' Chomhairle gearraidhean luach £10m an sàs thar nan trì bliadhna mu dheireadh mar thà.
Thèid deasbad mòr a chumail aig Comhairle nan Eilean Siar feasgar Diardaoin agus aig comhairlichean ri sàbhalaidhean luach còrr air £6m a lorg thairis an dà bhliadhna a tha romhainn.
Am measg na bhios fon phrospaig, tha seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan agus gearraidhean ann am foghlam.
Tha iad sin am measg 120 moladh tro am faodadh a' Chomhairle airgead a chùmhnadh.
Thèid na molaidhean a chur a-mach gu co-chomhairleachadh phoblach, aig sreath de choinneamhan nas fhaide den bhliadhna.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gun do chuir iad sàbhalaidhean luach £10m an sàs thairis air an trì bliadhna a dh'fhalbh.
Ach tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gum feum iad a-nise tuilleadh cho-dhùnaidhean a dhèanamh gus airgead a chùmhnadh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh