Comhairle air gealltainn èisteachd ri beachdan

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Bha a' Chomhairle an toiseach a' beachdachadh air £6.1m a ghearradh.

Gheall Comhairle nan Eilean Siar gun èist iad ri moladh sam bith airson airgead a shàbhaladh is iad airson £5.7m a ghearradh bhon bhuidseat aca thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn.

Bheachdaich a' Chomhairle air na gearraidhean aig coinneimh oidhche Ardaoin.

Tha iad mar thà air £10m de ghearraidhean a chur an sàs thairis air an trì bliadhna mu dheireadh.

Bha iad an toiseach a' coimhead ri £6.1m a ghearradh.

Thèid iad a-nis a-mach gu co-chomhairleachadh air na molaidhean aig oifigich airson airgead a chùmhnadh.

Dleastanas Oifigeil

"Dh'iarr sinn orra gum feum iad a bhith a' cuimseachadh air cuspairean nach robh cus droch bhuaidh air lìbhrigeadh sheirbheisean, nach biodh càil am measg sin far an robh dleastanas oifigeil oirnn a thaobh a bhith a' lìbhrigeadh seirbheis, agus gum feumadh iad seachnadh, far an robh e comasach sin a dhèanamh, a bhith a' cur dhaoine a-mach às an dreuchdan," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"A-mach às na roghainnean duilich duilich a th' againn, seo an fheadhainn a bha sinn a' smaoineachadh a bhiodh na b'fhasa a dhèanamh gun cus buaidh a bhith aige air seirbheisean no air cosnaidhean dhaoine.

"Sin as coireach gu bheil sinn a' dol a-mach leis an fheadhainn seo anns a' chiad àite, ach tha e cuideachd comasach dha duine sam bith rud sam bith a thogail air a bheil a' Chomhairle a' cosg airgid, agus thèid coimhead ri sin cuideachd," thuirt e.

Thug buidhean an SNP slaic air a' phròiseas ge-tà.

Tha iadsan ag ràdh gu bheil e ceàrr dhan Chomhairle molaidhean airson ghearraidhean a dhèanamh.

"Bha sinne a' cur air aghaidh gun deadh a h-uile rud a chur a-mach mu choinneimh an t-sluaigh, agus na seirbheisean air fad a chur ann airson taghadh," thuirt Ceannard buidheann an SNP, Dòmhnall Manford.

"Agus a dhèanamh mus dèanadh comhairlichean suas am beachd gu dè a bha iad ag iarraidh.

"An rud a thachair a-nochd, 's e gu bheil pàirt beag dheth air a dhol a-mach chun an t-sluaigh, agus a bharrachd air sin, gu bheil comhairlichean air innse cà' am b'fheàrr leothasan a bhith.

"Dè mar a bhios am mòr-shluagh a' faireachdainn gu bheil an rud a thilleas iad air ais a' dol a bhith air èisteachd ris fosgailte nuair a tha feadhainn air an inntinnean fhèin a dhèanamh suas cheana?

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile