Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Murt Oifigeir Phrìosain

Tha e air tighinn am follais gu bheil Poblachdach ainmeil, Cailean Duffy, air fear den dithis a tha an grèim aig Poilis ann an Èirinn a Tuath an dèidh bàs oifigeir phrìosain an-dè. Chaidh losgadh losgadh le gunna air Dàibhidh Black sa chàr aige faisg air an Lurgain ann an Co. Aontraim. Tha Rùnaire Èireann a Tuath, Theresa Villiers, a' bruidhinn air a' chùis ann an Taigh nan Cumantan an-dràsta.

An Càrdinal Cè Ó Briain

Dh'iarr fear-labhairt dhan Eaglais Chaitligich ann an Alba air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh as ùr air an taic-airgid dhan bhuidhinn chòirichean gèidh Stonewall a dh'ainmich an Càrdinal Cè Ó Briain mar Bigot na Bliadhna aig cruinneachadh ann an Lunnainn an-raoir. Tha ceannard na h-Eaglaise Caitligich an Alba a' seasamh gu làidir an aghaidh phlanaichean an Riaghaltais airson pòsaidhean gèidh a cheadachadh fon lagh.

Siria

Tha bhideo à Siria a th' air an eadar-lìon a' sealltainn, a rèir choltais, saighdearan reubaltach a' cur buidheann de shaighdearan an Riaghaltais gu bàs. Tha losgadh gunna ri chluinntinn, agus tha an camara an uair sin a' sealltainn chorp. Thuirt Coimiseanair an UN, ma thèid seo a dhearbhadh, gu bheil a h-uile coltas ann gur e euroir cogaidh a chaidh a dhèanamh.

RBS

Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba gun robh call faisg air £1.4bn air a' bhuidhinn anns na trì mìosan gu deireadh an t-Sultain. Thuirt RBS cuideachd gu bheil a' chosgais airson mar a bha iad a' reic àrachais PPI ri daoine air nach robh feum aca air èirigh mu £400m gu £1.7bn.

Càbal fon Mhuir

Chaidh tuilleadh maill air planaichean airson càbal dealain fon mhuir eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr. Thuirt Hydro na h-Alba nach bi e deiseil gu Damhair 2016 air a' char as tràithe, agus 's dòcha ùine an dèidh sin. Tha beachd ann cuideachd gun cosg e faisg air £300m a bharrachd air na bha dùil. Tha an t-eòlaiche air cumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach, ag ràdh gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith ann mun dàil.

Gearraidhean

Gheall Comhairle nan Eilean Siar gun tèid èisteachd tri molaidhean sam bith airson airgead a shàbhaladh, agus iad a' cur romhpa £5,700,000 a ghearradh à buidseat an dà bhliadhna seo tighinn. Tha sin beagan nas lugha na an £6,100,000 air an robh iad a' coimhead. Thèid na molaidhean a-mach gu co-chomhairleachadh poblach.