Draghan mu bhun-sgoil Ghàidhlig Port Rìgh

Dh' fhaodadh gun cosg Bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh suas ri £13m.

Tha sin tòrr nas àirde na bhathar a' tomhas an toiseach agus tha dragh air luchd-iomairt gun caill a' phròiseict taic pholiteagach ri linn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh an sgoil a thogail air làrach Osdail Mairead Carnegie agus osdail ùr a thogail aig a' cheart àm.

Gheibh an sgoil Ghàidhlig maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Ach tha ceist air pàrantan an cuir an làn chomhairle an taic ris an leasachadh leis gum bi fhathast beàrn-ionmhais cho mòr aig an ùghdarras ri lìonadh.

Tha an comhairliche Sgitheanach aig Comhairle na Gàidhealtachd Hamish Friseal ag ràdh gu bheil taic ann dhan sgoil.