Gearain gu bheil SSE a' dèanamh chùisean doirbh

Muileann gaoithe
Image caption 'S e an sgeama gaoithe ann an Horsiadair a' chiad phròiseact coimhearsnachd anns an h-eileanan an iar.

Tha buidhnean coimhearsnachd a tha an sàs ann am pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a' gearain gu bheil a' chompanaidh dealain SSE a' dèanamh chùisean fìor dhoirbh dhaibh.

Tha iad ag ràdh gu bheil SSE ag iarraidh orra pàigheadh airson uidheamachd ùir.

Tha na buidhnean ag ràdh bu choir dhan uidheamachd a bhith na phàirt de dh'obair SSE fhèin, a chionn 's gur ann riutha tha an Griod Nàiseanta an urra.

Tha a' chiad phròiseact coimhearsnachd ann an Horsiadair, a-nis call a-mach air airgead, às dèidh dhan uidheam a thug SSE orra a chur an sàs air briseadh. 's e coltach nach pàigh SSE dad mu choinneamh sin.

Thuirt SSE gu bheil na companaidhean aca a' feuchainn ri dèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile cruthadair dealain ceangal ris a' ghriod airson buannachd a thoirt às.

Uidheamachd shònraichte

Chaidh aonta a ruighinn eadar buidheann choimhearsnachd Horsiadair agus SSE uidheamachd shònraichte a chur an sàs son dèanamh cinnteach nach rachadh cus dealain a chur a-steach dhan ghriod.

Bhris an uidheamachd, a bha le SSE, direach là às dèidh dhaibh tòiseachadh a' cruthachadh dealain.

Tha SSE ag ràdh gun toir e co-dhiù 4 neo 5 seachdain mus tèid a chàradh.

Thuirt iad cuideachd nach tèid airgead dìolaidh a phàigheadh son na h-ùine nach eil iad aig a bhith ag obair aig an làn neart.

Tha a' companaidh dealain air a ràdh nach eil an grìod anns na h-eileanan uidheamachdte son dealan a chur a-steach an àite a bhith ga sgaoileadh.

Thuirt iad gu bheil iad ag obair ann an co-bhann ri OFGEM son dèanamh cinnteach gu bheil na ceangaileachan ris a' ghriod air an dèanamh ann an dòigh shàbhailte.

Rannsachadh neo-eisimeileach

Chaidh draghan a thogail cuideachd mun àrdachadh ann an cosgaisean son càbal dealain a stèidheachadh eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, ag iarraidh rannsachaidh neo-eisimeilich mun phàirt a bha aig SSE ann an dàil san obair agus mun àrdachadh anns na cosgaisean.

Tha SSE ag ràdh a-nis gun cosg e £700m agus gum bi an Damhair 2016 ann, aig a' char as tràithe, mus bi e deiseil.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair gur e suidheachadh tàmailteach a th'ann.

"Bha sinn a' coimhead air adhart anns an dà bhliadhna a bha romhainn, a' faicinn tòrr obair agus an uairsin ionmhas a' tighinn a-steach air cul sin.

"Ach tha na teagamhan a bh'ann bho thùs a' leanntainn, agus chan eil sin gar cuideachadh an dràsta.

"Agus chan eil e a' toirt misneachd tha mi smaoineachadh dhan fheadhainn a tha ag iarradh a bhith, an fheadhainn ris am bi sinn a' coimhead a bhios a' cosg airgead a dhol air adhart le pròiseactan aig an ìre-sa.