Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

5 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist mhèinne

Chuir aithisg oifigeil mu spreadhadh mèinne Pike River ann an New Zealand, anns an robh dithis Albannach am measg 29 daoine a chaill am beatha, gur e companaidh na mèinne as motha as coireach. Thuirt an athaisg gu faodadh iad a bhith air an tubaist ann an 2010 a sheachnadh agus nach tug iad feart air aithrisean mu chus den ghas methane anns a' mhèinn. Tha ministear obrach an riaghaltais ann an New Zealand air a dhreuchd fhàgail an dèidh foillseachadh na h-athaisg.

An Ear Mheadhanach

Gheàll Daibhidh Camshroin gun tog air cuspair chòireachan a' chinne daonna agus e aig toiseach turais dhan Ear Mheadhanach son ceanglaichean malairt, agus dìon 's tèarainteachd Bhreatainn a bhrosnachadh. Tha Breatainn an dòchas itealain chogaidh Typhoon a reic ri Dubai agus Saudi Arabia.

HSBC

Thuirt HSBC, am banca Eòrpach as motha, gu bheil iad a' cur £500m eile an dàrna taobh gus am pàigh iad càin a thèid orra son làimhseachadh airigid gu mì-laghail anns na Stàitean Aonaichte. Tha a' bhuidheann air cha mhor billion not a chuir gu taobh son sin. Agus tha iad air £223m a chur ann an stàras anns am bi a'pàigheadh airigid do dhaoine ris an do reic iad àrachas PPI anns an Rìoghachd Aonaichte.

Taghadh nan Stàitean

Tha Barack Obama agus Mitt Romney an sàs an diugh anns an là mu dheireadh den iomairt ro thaghadh a' chinn-suidhe anns na Stàitean Aonaichte a-màireach. Tha iad le chèile a' tadhail an diugh air na stàitean as motha a bheir buaidh air a' bhot a-màireach.

Tuarastal

Tha an ceannard Làbarach, Ed Miliband, ag iarraidh air companaidhean pàigheadh de £7.20 san uair a thoirt do luchd obrach, not a bharrachd air na an lagh ag ràdh. Tha cuid de chompanaidhean air gabhail gu saor-thoileach ris an sgeama Living Wage agus iad ag ràdh gu bheil e gan cuideachadh a' cumail luchd-obrach ach tha companaidh eile ag ràdh gu bheil e ro dhaor dhaibh.

SSE

Tha buidhnean cumhachd coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar a' gearain gu bheil a' chompanaidh dealain SSE a' dèanamh chùisean fìor dhoirbh dhaibh leis a' chosgais ceangal ris a' ghriod nàiseanta. Agus tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, ag iarraidh rannsachaidh neo-eisimeilich air mar a tha e a' cosg barrachd agus a' tòirt barrachd ùine na bha dùil càbal ùr dhan ghriod nàiseanta a chur dha na h-Eileanan.

Sgoil Ghàidhlig

Tha dragh air feadhainn a tha ag iarraidh Sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh gun caill iad taic phoileataigeach le cosgais na sgeama aig £13m. Ged a gheibheadh an sgoil ùr earrann den airgead bho Riaghaltas na h-Alba, tha dragh air pàrantan nach bi Comhairle na Gàidhealtachd deònach bearn a lìonadh. Dh'aidich an comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal gur e trioblaid a tha anns an airgead ach gu faigh am pròiseact làn thaic na comhairle.