BBC Naidheachdan

Cead son tuath-gaoithe ann an Loch Abar

Published
Chaidh cead a thoirt le Riaghaltas na h-Alba do thuath-gaoithe ann an Loch Abar anns am bi 25 muileann.
Tha a' companaidh RidgeWind a tha air culaibh an leasachaidh air Beinn an Eòin faisg air Inbhir Garadh a' cumail dealain ri 40,000 taigh.
Thèid 90 obair a chruthachadh fhad 's bhios an obair a' togail - a mhaireas dà bhliadhna, a' dol air adhart agus a' cur £30m ris an eaconamaidh ionadail.
Chuir a' bhuidheann Streap Alba an aghaidh nam planaichean.

Buannachd

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd Fergus Ewing gun robh cùmhnantan sònraichte a' tighinn an cois a' chead dealbhachaidh gus an àrainneachd a dhìon.
Nuair a bhios an sgeama deiseil, bidh sianar a' faighinn obair làn-ùine air an làraich agus gheibh coimhearsnachdan san sgìre £500,000.
Thèid earrann den airgead a chleachdadh son ghrantaichean oilthigh is colaiste.
Thuirt Maighstear Ewing gum bi an tuath-gaoithe na bhuannachd dhan sgìre.
"Le a bhith a' toirt cead dhan iarrtas seo tha mi air sreath de chùmhnantan sònraichte an gnìomh son tearman nàdarra, coimhearsnachdan ionadail agus beathaichean fiadhaich a dhìon.", thuirt am Ministear.

Milleadh

Ach rinn a' bhuidheann Streap Alba càineadh làidir air a' cho-dhùnadh.
Thuirt a' bhuidheann, a tha a' riochdachadh luchd-streap agus luchd-coiseachd gur e co-dhùnadh sgriosail a bh'ann.
A-rèir na buidhne, thèid milleadh a dhèanamh air seallaidhean son co-dhiù 20 cilemeatair timcheall air an làraich.