Saorsa bho chùmhnantan Scottish Fuels

Prìsean connaidh sna h-Eileanan Siar
Image caption 'S fhada a tha prìsean connaidh sna h-Eileanan Siar air a bhith gu math nas àirde na tha iad air Tìr Mòr.

Tha Scottish Fuels, a tha an-dràsta a' cumail connaidh ris a' mhòrchuid de stèiseanan peatroil anns na h-Eileanan an Iar, air innse dha na stèiseanan sin gu bheil iad deònach an saoradh bho na cùmhnantan a th' orra.

Bheir sin cead dha na stèiseanan peatrol connadh a cheannach bho chompanaidhean eile air prìs nas saoire, ma gheibh iad sin.

Tha gearainnean air a bhith ann gu bheil Scottish Fuels air prìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan a chumail ro àrd, ri linn gainnead farpais.

Tha mar thà stèisean air a' Bhac ann an Leòdhas, a th' air a ruith le Gordon MacIllinnein, air cùl a chur ris a' chùmhnant le Scottish Fuels, agus iad a-nis a' reic connaidh gu math nas saoire na a' mhòr-chuid de stèiseanan eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile