Muinntir Scalpaigh air bhòtadh

Scalpaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhaodadh gun tèid an t-eilean an luib Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Thèid innse oidhche Mhàirt a bheil muinntir Scalpaigh na Hearadh air bhòtadh airson sealbh fhaighinn air an eilean aca.

Tha an t-uachdaran Fred Mac an Tàilleir, a' tabhainn an eilein dhaibh an-asgaidh, ach cha deach co-dhùnadh oifigeil a ruighinn air sin fhathast.

Bho leig Mgr Mac an Tàilleir fhaicinn gun robh e airson sin a dhèanamh sa Ghearran an-uiridh, tha tòrr obrach air a bhith a' dol feuch dè na bhiodh fa-near do mhuinntir an eilein.

Chaidh buidheann-stiùiridh a chur air dòigh, agus dh'iarr iad sin rannsachadh neo-eisimeileach air a' ghnothach, feuch dè cho seasmhach 's a bhiodh an t-eilean 's e air a ruith leis a' choimhearsnachd.

Chuir an rannsachadh sin diofar mholaidhean ron t-sluagh air mar a ghabhadh an t-eilean a ruith san àm ri teachd.

Chaidh pàipearan baileit a-mach gu daoine mar thà, a' faighneachd co-dhiù tha iad airson sealbh a ghabhail air an eilean.

Tha dàrna ceist air a' phàipear cuideachd, a thaobh co-dhiù bu chòir dhan eilean a bhith a ruith le muinntir Scalpaigh fhèin, no fo bhratach Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Thèid na pàipearan baileit a chunntadh aig Talla Choimhearsnachd Scalpaigh oidhche Mhàirt aig 7:30f.